Scots Gaelic Bible

Mark 8

Mark

Return to Index

Chapter 9

1

 Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha `nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd. 


2

 Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh` atharraicheadh a chruth `nan lathair. 


3

 Agus dh` fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh. 


4

 Is chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa. 


5

 Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, `sa h-aon do Elias. 


6

 Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn `s gun robh iad fo fhiamh ro-mhor. 


7

 Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris. 


8

 `S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha. 


9

 `Sa tearnadh bhon bheinn, dh` aithn e orra, gun iad a dh` innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh. 


10

 Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh. 


11

 Agus dh`fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich `s na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd? 


12

 Thuirt e riutha, `s e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, `s gum faigh e taire. 


13

 Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, (`s gun d` rinn iad air gach ni b` aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn. 


14

 `Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, `s na Sgriobhaich a deaspud riutha. 


15

 `S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt` air. 


16

 Agus dh` fhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile? 


17

 Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh. 


18

 Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, `sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b` urrainn dhaibh. 


19

 `Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e. 


20

 Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial. 


21

 Is dh` fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e `na leanabh. 


22

 Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn. 


23

 Is thuirt Iosa ris: Ma `s urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach. 


24

 Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m` ana-creideamh. 


25

 Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as `s na rach a stigh ann tuilleadh. 


26

 Agus chaidh e mach as, ag eigheach, `s ga riabadh gu goirt: agus dh`fhas e coltach ri duine marbh, air chor `s gun robh moran ag radh: Tha e marbh. 


27

 Ach Iosa a breith air laimh air, thog e e, agus dh` eirich e. 


28

 `S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh` fharraid a dheisciopuil dheth, `s iad leo fhein: Carson nach b` urrainn dhuinn a thilgeadh a mach? 


29

 Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh `s le traisg. 


30

 `Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; `s cha b` aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so. 


31

 Oir bha e teagasg a dheisciopul, `s ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, `s gum marbhadh iad e, `s an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha. 


32

 Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgath orra fharraid dheth. 


33

 Is thainig iad gu Capharnaum. `S nuair a bha iad san tigh, dh` fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh`agaibh air an rathad? 


34

 Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh. 


35

 `Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus `na sheirbhiseach dhaibh uile. 


36

 `Sa breith air leanabh, chuir e `nam miadhon e ; `s an deigh a ghlacadh `na uchd, thuirt e riutha: 


37

 Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi. 


38

 Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d` ainmsa, agus bhac sinn e. 


39

 Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a `s urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh: 


40

 Oir an neach nach eil nur n-aghaidh, tha e leibh. 


41

 Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn`s gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais. 


42

 Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b` fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, `sa bhith air a thilgeil sa mhuir. 


43

 `S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh` iutharna gu teine nach smalar: 


44

 Far nach basaich a chnuimh aca, `s nach smalar an teine. 


45

 Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh` iutharna gu teine nach tig as: 


46

 Far nach basaich a chnuimh aca, `s nach smalar an teine. 


47

 Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: `s fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna: 


48

 Far nach basaich a chruimh aca, `S nach smalar an teine. 


49

 Oir saillear gach aon le teine, is saillear gach iobairt le salann. 


50

 Tha salann math: ach ma dh` fhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein. 


Mark 10

 

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: