Scots Gaelic Bible

Mark 2

Mark

Return to Index

Chapter 3

1

 Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte. 


2

 Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn `na aghaidh. 


3

 Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon. 


4

 Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan `nan tosd. 


5

 `S ag amharc orra mun cuairt le feirg `s le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha. 


6

 `S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha. 


7

 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile `s bho Iudea, 


8

 Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, `S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, `s iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh. 


9

 Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e. 


10

 Oir leighis e moran, air chor `s gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad `sa bha easlainteach. 


11

 `S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh: 


12

 Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach. 


13

 `Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b` aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh. 


14

 Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad. 


15

 Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach. 


16

 Agus thug e Peadar mar ainm air Simon: 


17

 Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich: 


18

 Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach, 


19

 Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e. 


20

 Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor `s nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe. 


21

 S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach. 


22

 Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, `s gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. 


23

 `S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? 


24

 Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh. 


26

 Agus ma bhios tigh air a roinn `na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh. 


26

 `S ma tha Satan air eirigh `na aghaidh fhein, tha e roinnte, `s chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air. 


27

 Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. 


28

 Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: 


29

 Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. 


30

 Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige. 


31

 Is thainig a mhathair `sa bhraithrean; `s nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. 


32

 Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair `s do bhraithrean a muigh gad iarraidh. 


33

 Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? 


34

 `S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha `nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. 


35

 Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. 


Mark 4

 

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: